Rob Donn Macaoidh - 1714-1778
Cho cudromach dhan a’ Ghàidhlig ’s a bha Robert Burns dha Albais
Le Niall Simco
Leugh an t-artaigil seo sa Bheurla
'Se Rob Donn aon de na bàird as ainmeile agus as cudromaiche ann an saoghal na Gàidhlig agus tha buaidh mhòr air a bhith aige air an sgìre far an do thogadh e – Duthaich MhicAoidh ann an ceann a’ tuath na siorrachd Chataibh, mar is aithnichear an-diugh. Rugadh Rob Donn ann an 1714 aig Allt na Caillich anns an t-Strath Mhòir agus bhàsaich e ann an 1778. Cha robh Beurla aige, agus cha do chleachd e ach a’ Ghàidhlig. Cuideachd, cha robh e comas leughaidh neo sgrìobhaidh aige, mar a bha cumanta aig an àm seo, ach a dh’aindeoin seo, chleachd e a chànan fhèin gus bàrdachd iongantach a chruthachadh, làn bhrìgh. Aig an àm sin, bhathar a’ meas bàird mar bhuill chudromach den choimhearsnachd, agus bha spèis mhòr aig a’ choimhearsnachd do Rob Donn. Bha e dìreach agus onarach agus bha e comasach dha bàrdachd agus òrain a chruthachadh gu math luath mar fhreagairt do thachartas coimhearsnachd neo mu mhuinntir na coimhearsnachd. Bha mòran aoir na obair cuideachd. Chaidh a bhàrdachd a sgrìobhadh sìos faisg air deireadh a bheatha, agus às dèidh a bhàis, chaidh i fhoillsechadh. Uile gu lèir, a rèir Lebarlann Bàrdachd na h-Alba agus stòran eile, bha Rob Donn cho cudromach dhan a’ Ghàidhlig ’s a bha Robert Burns dha Albais: Tha còrr is 200 dàin agus òrain a chaidh a sgrìobhadh le Rob Donn.
Mar sin, tha e comasach tuigse fhaighinn air beatha àbhaisteach ann an Duthaich MhicAoidh anns an 18mh linn, agus na tachartasan cudromach air feadh Alba agus Breatainn a’ gabhail a-steach na Seumasaich agus Cùil Lodair. Cuideachd, tha ceangal inntinneach ann eadar beatha Rob Donn agus An Caol Catach.
Cha robh foghlam foirmeil aig Rob Donn ach bha e ag obair còmhla ri Iain Mac Eachainn bho aois 7 neo 8. B’ e Iain Mac Eachainn a mheantor, a charaid agus fhastaiche agus air sgàth ’s gun robh Iain na dhròbhair agus na fhear-taca, shiubhal Rob Donn gu mòran sgìrean air feadh na h-Alba. Aig amannan eadar-dhealaichte, bha Rob Donn na dhuine ris a bhean, na thuathanach, na shaighdear (anns na First Sutherland Fencibles) agus na shealgair, ach a’ cleachdadh a bhàrdachd, bhruidhinn e fhìrinn ri cumhachd. Mar eisimpleir, ged nach robh Clann MhicAoidh a’ cur taic ri na Seumasaich, bha Rob Donn gu math sgrùdach air na tachartasan às dèidh Chùil Lodair, gu h-àraidh na h-oidhirpean gus cultar na Gàidhealtachd agus a’ Ghàidhlig a sgrios.
Tha Paraiste Creich anns an sgìre againn, mar phàirt den sgeulachd. Ach anns a’ chiad dol a-mach feumaidh mi facal neo dhà a ràdh mu ‘aoir’. Cha robh ‘aoir’ anns an 18mh linn an aon rud coltach ri ‘aoir’ an latha an-diugh. Chaidh aoir a chleachdadh mar dhòigh air càineadh a dhèanamh air cuideigin sa choimhearsnachd, agus air sgàth ’s gun robh am bàrd na dhuine cudromach sa choimhearsnachd, bha buaidh mhòr aig na rudan a thuirt e. Co-dhiù bha maighstar-sgoile ann leis an ainm Iain Sutherland ann an Tunga. Mar fhìr òga, cha robh deagh dhàimh neo spèis eadar Rob Donn agus Iain Sutherland, agus bha Rob an-còmhnaidh a’ càineadh Iain, a’ cleachdadh aoire ann an dòighean eadar-dhealaichte. Ann an aon phìos bàrdachd, tha Rob a’ càineadh dìth sgil le gunna:
Do rèir cleachdaidhean a’ ghille,
Bha e coltach bhi mi-chinnicht
Thug thu gunna leat gun teine,
’S an damh ceanfhionn chur gu cinn
Dh’fhàs cùisean nas miosa is nas miosa eadar an dithis fhear agus air sgàth ’s gum b’ e Rob Donn am prìomh bhàrd sa choimhearsnachd, thug seo buaidh mhòr air cliù Iain Sutherland agus aig a’ cheann thall, cha robh e comasach dha a bhith a’ fuireach ann an Tunga. Ghluais Iain Sutherland à Tunga gu Creich agus sgoil ùr. Bha aoir gu math cumhachdach!
Tha dìleab eachdraidheil Rob Donn cudromach fhathast an-diugh, agus tha ‘The Rob Donn Trail’ ann, a’ tadhail air àiteachan inntinneach air a’ chosta a tuath.
Tha Rob Donn air a thiodhlacadh ann am Baile na Cille far am faodar tadhal air carragh-cuimhne a bheatha.
Tùsan | References
Grimble, I, (1979), The World of Rob Donn, Dùn Èideann, The Edina Press.
Beard, E, L, (2017), Satire and Social Change: The Bard, the Schoolmaster and the Drover; Northern Scotland, 8/1.
Làrach-lìn Leabharlann Bàrdachd na h-Alba / Scottish Poetry Library website
Comments ()