Donnchadh MacLeòid à Drochaid a’ Bhanna, buannaiche Bonn Òir an Traidiseanta
Slighe Dhonnachaidh gu bhith a’ buannachadh Bonn Òir an t-Seann Nòis aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail.
Le Fiona NicLeòid
Ged a bha Gàidhlig aig a sheanair taobh a mhàthar agus aig a shìn-sheanairean, cha deach a phàrantan fhèin a thogail leis a’ chànan agus mar sin thòisich Donnachadh air Gàidhlig ionnsachadh anns an sgoil-àraich agus chùm e air ann am Fhoghlam tro Mheadhan na Gàidhlig.
Fhuair e blas air ceòl bho aois òg, aig an taigh agus aig cuirm-chiùil còmhla ri a phàrantan. Bha e follaiseach bho thùs gu robh ùidh mhòr aig Donnachadh air ceòl — agus gu sònraichte air seinn anns a’ Ghàidhlig.
Aig còig bliadhna a dh’aois bha e airson pàirt a ghabhail aig a’ Mhòd Ionadail ann an Goillspidh, agus mar sin theagaisg a mhàthair, Fiona, dha an aon òran Gàidhlig air an robh i a’ cuimhneachadh – Gleann Gollaidh.
‘S ann às a’ Bhlàran Odhar a tha Fiona fhèin, agus bha i am measg iomadh sgoilear a bh’ aig Janette NicAoidh às An t-Srathaidh a thug seachad a gaol air seinn anns a’ Ghàidhlig dha na clasaichean aice. Gach blaidhna bhiodh i a’ teagaisg òran Gàidhlig gus am faigheadh a h-uile sgoilear cothrom pàirt a ghabhail aig Mòd Ghallaibh is Chataibh agus aig cèilidhean ionadail.
Nuair a bha e aig aois òg dh’ionnsaich Donnachadh gach facal gu dìcheallach ach, air latha a’ Mhòid, gabh e an t-eagal nuair a thàinig e a-steach dhan t-seòmar làn dhaoine. Bha an co-fharpais airson clann fo aois 8 agus bha Donnachadh tòrr na b’ òige na càch. Thuirt e gun sheinneadh e ach dìreach nan seasadh e le dhruim ris na britheamhan agus an luchd-èisteachd agus ’s ann mar sin a rinn e e.
Cha do chuir seo bacadh air ge-tà. Aon bhliadhna às dèidh sin sheinn e aig a’ Mhòd Nàiseanta ann an Dùn Obhainn ann an seòmar mòr làn luchd-èisteachd. Bha e cho co-fhurtail an turas seo is gun do chuir e barrachd faireachdainn san t-seinn na duine sam bith eile anns a’ cho-fharpais agus ged a sheinn e aon loidhne dà thuras gun fhios dha, fhuair e an dàrna àite am measg còrr is fichead farpaiseach.
Lean Donnachadh air a’ gabhail pàirt anns na Mòdan Ionadail agus Nàiseanta agus a’ faighinn tlachd às. Bha e airson misneachd a thoirt dha a phiuthar òg, Rona, agus mhol e dhi seinn-càraid a dhèanamh còmhla. Thug seo orra a dhol a chèilidh air Coinneach MacChoinnich ann an Loch an Inbhir airson oideachadh agus ’s dòcha gun e seo a’ chiad uair a fhuair iad blas air co-sheirm. Bha iad an-còmhnaidh a’ coimhead air adhart ri na cèilidhean seo.
Fhuair Donnachadh ionnsachadh ann am Foghlam Ghàidhlig ann an Drochaid a’ Bhanna agus ann am Baile Dhubhthaich agus bha e an-còmhnaidh dìleas don chànan agus airson a chleachdadh. Bha ceòl làidir anns a bheatha sgoile cuideachd. Bhrosnaich aon de na tidsearan aige, Ellen Jack, seinn sa chlas, agus chruthaich i buidhnean beaga ciùil a bha a’ gabhail pàirt aig Mòd Inbhir Nis gach bliadhna.
Nuair a chaidh e dhan àrd-sgoil, ghabh Donnachadh pàirt anns a’ bhuidheann òigridh Gàidhlig Còisir G, fo stiùir Eilidh NicCoinnich. Bha ceithir deireadh-seachdain còmhnaidh aca gach bliadhna airson dà thaisbeanadh bhliadhnail anns an Agaidh Mhòr agus aig Eden Court. Bha Donnachadh measail air na deireadh-seachdain seo agus lean e air sa bhuidheann gu deireadh a’ chòigeamh bliadhna.
Taobh a-muigh na sgoile bha Donnachadh an làthair gu tric aig fèisean, an toiseach na fèisean Gàidhlig, Fèis a’ Chaolais agus Fèis Tìr a’ Mhurain ann an Uibhist. An uair sin chaidh e gach bliadhna gu Fèis Rois ann an Ulapul agus rinn e deagh dhearbhadh gus a dhol air an Ceilidh Trail aig aois 16 — rud a rinn e fad trì samhraidhean. Thug seo cothroman dha seinn còmhla ri luchd-ciùil òg eile air feadh Alba, ach cuideachd ann an Cambridge agus aig fèisean Shidmouth ann an Sasainn. Ghabh e pàirt cuideachd anns a’ phròiseact ‘Kin in the Community’ fo stiùir Dhonnchaidh Shiosalach, a bha a’ toirt a-steach rannsachadh, filmadh agus taisbeanaidhean ioma-mheadhanach.
Tro Fhèis a’ Chaolais choinnich e ri Catrìona NicLeòid à Srath Nabhair, tidsear seinn agus sgoilear eile aig Janette NicAoidh. Thug Catrìona taic dha fad bhliadhnaichean, agus ann an 2013 chuir i ri chèile an taisbeanadh ioma-mheadhanach Drìne, a’ comharrachadh òrain Rob Duinn Bàrd Dhùthaich ‘ic Aoidh. Thug i cuireadh do Dhonnachadh seinn air an àrd-ùrlar mar phàirt den chòmhlan Chataibh aig Celtic Connections 2014 agus ann an tallaichean air feadh a’ Chinn a Tuath. Mar bhalach ceithir bhliadhn’ deug a dh’aois agus aig àm cunnartach far an stadadh cuid dheth dheugairean air seinn, chuir e spionnadh air an ùidh aige ann an dualchainte agus ann an òran Rob Duinn..
Ghabh e cuideachd pàirt ann am pròiseact Fuaran aig Fèisean nan Gàidheal, a tha a’ brosnachadh òigridh Ghàidhlig rannsachadh a dhèanamh air òrain ionadail. Rinn e rannsachadh air òran le Bàrd Pholl Bàin..
Airson na bliadhna mu dheireadh san sgoil, bha Donnachadh airson a dhol gu Sgoil Chiùil na Gàidhealtachd gus leantainn air adhart leis a’ phìobaireachd agus seinn Ghàidhlig. Bha e a’ fuireach san ostail, le sgoil tron latha, ceòl air an fheasgar, agus deireadh-sheachdain còmhnaidh gach mìos le cuairtean agus taisbeanaidhean cuideachd.
Às dèidh dhà crìochnachadh san sgoil, chaidh e gu Oilthigh Dhùn Èideann gus leudachadh an ionnsachadh aige air Cànanachas agus Rannsachadh Ceilteach. O chionn ghoirid thòisich e ann an dreuchd ùr a’ tasglann òrain don Mhòd Nàiseanta Rìoghail agus bidh e cuideachd a’ dèanamh beagan uairean mar phreasantair air CBeebies Gàidhlig.
Tha Donnachadh na bhall de Bhinnneas, còisir de 16 daoine òga bho air feadh Alba, fo stiùir Iain Eòsaph MacNèill. Tha e stèidhichte air a’ bhun-bheachd chlasaigeach “the 16” leis na guthan ann an co-sheirmean iom-fhillte.
Nuair a bhios ùine aige, bidh Donnachadh agus Rona a’ seinn còmhla mar dhithis, ann an Gàidhlig agus Beurla, le co-sheirmean agus a’ toirt taic air a’ phiano, fidheall agus giotàr.
Ged a tha ceòl air a bhith na phàirt de bheatha Dhonnachaidh fad a bheatha, b’ e Boinn Òir an t-Seann Nòs an co-fharpais a bha e ag amas air. Gus pàirt a ghabhail feumaidh tu a bhith fileanta sa Ghàidhlig. Tha a’ chiad cuiart den fharpais a’ tòiseachadh sa mhadainn far am bi farpaisich a’ seinn aon òran ann an stoidhle traidiseanta. Bidh a’ cheathrar leis na comharraidhean as àirde a’ dol troimhe gu cuairt-deireannach an aon oidhche far a sheinnear dà òran eile, le britheamhan eadar-dhealaichte, luchd-èisteachd agus telebhisean beò.
Bha grunn oidhirpean aig Duncan roimhe — aon uair rè a cheum agus uair eile dìreach às dèidh dha crìochnachadh. Ràinig e an cuairt-deireannach gach turas, rud sònraichte ann fhèin, ach am-bliadhna shoirbhich leis. Dh’fhaodadh gur e a’ chiad neach à Cataibh a bhuannaich an duais seo.
Agus gus an cearcall a chrìochnachadh, b’ e aon den dà bhritheamh san cuairt-deireannach an aon bhritheamh air an do sheinn e leis a dhruim ris nuair a bha e còig bliadhna a dh’aois.
Bidh Donnchadh a’ seinn aig cuirm-chiùil shònraichte ann an Talla Luirg air Disathairne 24 Faoilleach - bidh barrachd fiosrachaidh ri fhaighinn gu h-ionadail a dh’aithghearr...
Comments ()